loader from loading.io

An Leon XIII - Marcas Mac an Tuairneir

Sgeul is Seanchas

Release Date: 05/14/2020

Deireadh Sliochd Na Leòidich show art Deireadh Sliochd Na Leòidich

Sgeul is Seanchas

’S ann aig Na Leòdaich, Clann ’ic Leòid, a bha smachd air Eilean Leòdhais airson iomadh linn. Ach thug an Crùn seilbh air fearrann Leódhais ga na Sìophartaich -Clann ‘ic Choinnich, ann an 1611. Thug Iarla Shìophairt òrdugh gu feumadh na bhuineadh ga cinn-feadha na Leòidich, an cur gu bàs. A rèir beul aithris na Sìophartaich fhein, agus na tha sgrìobhte chun an latha an diugh, chuir iad às ga cinn-fheadhna na Leòdaich agus na bhuineadh dha. Ach 's e an rud a rèir nam sgeòil seo, saoil na chur? The Clan MacLeod ruled the Isle of Lewis for many years.  But the Crown...

info_outline
An Gaisgeach Bhuzancy - Ruairidh Greumach show art An Gaisgeach Bhuzancy - Ruairidh Greumach

Sgeul is Seanchas

Seo dhuibh sgeulachd pearsanta air a h-innse le Ruairidh Greumach às an Eilean Sgitheanach.  's ann mu dheidhinn aon de na sinnsearan aig Ruairidh a th' ann, Aonghas MacMhaolain à Leòdhas, a bha na shaighdear anns a' Chiad Chogadh Mòr.  Choisinn Aonghas tòrr chliù airson a ghaisgeachd tron a' chogadh is choisinn e an tiotal An Gaisgeach Bhuzancy bhon an t-Arm Frangach.

info_outline
Dàna-Thursan ri Aibideil nan Craobhan - Ariel Killick show art Dàna-Thursan ri Aibideil nan Craobhan - Ariel Killick

Sgeul is Seanchas

Tha an Gille Dubh cho dubhach is e ag ionndrainn nan craobhan is a chuideachd a chaidh am fuadachadh, gu bheil e air a dhachaigh anns a’ choille a thrèigsinn gus suidhe na aonar air barr beinne, a’ fàgail nan àilleagan aige aig Sìne, airson a sgeulachd innse.

info_outline
An Leon XIII - Marcas Mac an Tuairneir show art An Leon XIII - Marcas Mac an Tuairneir

Sgeul is Seanchas

Seo dhuibh sgeulachd eachdraidheil à Èirinn air a h-innse le Marcas Mac an Tuairneir.

info_outline
Sgeulachdan Thormoid - Ruairidh Gray show art Sgeulachdan Thormoid - Ruairidh Gray

Sgeul is Seanchas

Seo dhuibh dà sgeulachd èibhinn a chruthaich Tormod Mac'illeEathain, nach maireann, air an innse le Ruairidh Gray à Uibhist a Deas. 's e 'A' Bhean-Uasal NicÌomhair à Cnoc an t-Soluis air a' Bhac' tiotal a' chiad sgeulachd, sgeulachd mu dheidhinn ban-Leòdhasach a tha a' siubhal gu Tibet gus coinneachadh ri cuideigin sònraichte. Agus 's e 'Cladh Hàllain' tiotal an dàrna sgeulachd, sgeulachd gaoil eadar Dòmhnall Phàdruig a’ Chnuic agus Peigi Iain Bhig ann an Uibhist a Deas. This month we have two funny stories, created by the late Norman MacLean, told here by Ruairidh Gray from South...

info_outline
Sgeulachd Shrath Ghlais show art Sgeulachd Shrath Ghlais

Sgeul is Seanchas

Tha an sgeulachd a leanas ag innse mar a stad crodh Shrath Ghlais a bhith leigeil am bainne airson am bleoghainn.  Bhathar a’ creidsinn gur e bana-bhuidsich a’ fuireach gu h-ionadail a chur stad air a’ bhleoghann. Bha diofar dhaoine ag obair gus stad a chur air na bana-bhuisich, a bha a’ nochdadh ann an riochd maighich airson trioblaid adhbharachadh. Bha am fuasgladh a’ tighinn thuca ann an dòigh nach shaoileadh duine sam bith. This month’s story, told by Ceit Langhorne, is a story belonging to Strathglass which Ceit put together from similar stories that appeared in the...

info_outline
Gille Padara Dubh agus Mac ‘ic Ailein show art Gille Padara Dubh agus Mac ‘ic Ailein

Sgeul is Seanchas

Bha fear Gille Padara Dubh a bha a’ fuireach ann an Uibhist a Deas.  Bha e fìor mhath leis a’ bhogha-saighde is thug an t-uachdaran Mac ‘ic Ailein dùbhlan dha airson feuchainn dè cho math ‘s a bha e dha-rìribh leis a’ bhogha-saighde. Chuir e ubh air ceann a mhic feuch am bualadh e i bho astar 100 slat air falbh.

info_outline
An t-Iasg Òir le Ruairidh Mac'illeathain / The Golden Fish by Ruairidh Maclean show art An t-Iasg Òir le Ruairidh Mac'illeathain / The Golden Fish by Ruairidh Maclean

Sgeul is Seanchas

Fàilte do Sgeul is Seanchas, pod-craoladh ùr bho Fòram Sgeulachdan na h-Alba (TRACS) far an cluinnear measgachadh de sgeulachdan tradiseanta, eachdraidheil is èibhinn anns a' Ghàidhlig bho chuid de na sgeulaichean as fheàrr ann an Alba.  

info_outline
 
More Episodes

Seo dhuibh sgeulachd eachdraidheil à Èirinn air a h-innse le Marcas Mac an Tuairneir.

Bha long Frangach, an Leon XIII, a' seòladh eadar Portland is Corcaigh is chaidh a bhriseadh air na creagan faisg air Caoilte nuair a thàinig stoirm uabhasach.  Cluinnear mun oidhirp ghaisgeil a rinn muinntir Chaoilte gus na seòlaidearan Frangach a shabhladh.

This month we have a historical story from Ireland told by Mark Turner.

A French ship, the Leon XIII, was sailing from Portland to Cork and was driven against the rocks near Quilty in County Clare in the midst of a terrible storm.  The people of Quilty made a heroic effort to save the French sailors in the terrible conditions, risking their own lives during the rescue.