Sgeul is Seanchas
Fàilte gu am pod-craoladh speisealta seo mu dheidhinn pròiseact trì-chànanach air òrain is sgeulachdan na Fèinne. Tha TRACS air a bhith ag obair air a' phròiseact seo fad dà bhliadhna còmhla ri buidhneann de sàr luchd-ciùil is aithris à Alba is Èirinn: Mhàiri Hall, Màiri Nic ille Mhaoil, Gráinne Holland, Éamon Doorley is Màrtainn Mac an t-Saoir. Cluinnear agallamh leis a' bhuidhneann tro mheadhan na Beurla còmhla ri Fiona NicDhùghaill bho TRACS is an uair sin, blasad de aon de na pìosan a chruthaich a' bhuidheann còmhla, dreach ùr de na sgeulachd, An t-Amadan Mòr,...
info_outlineSgeul is Seanchas
Seo agaibh sgeulachd à Eilean Leòidhais air a h-innse le Magaidh Nic a' Ghobhainn. ’S ann aig Na Leòdaich, Clann ’ic Leòid, a bha smachd air Eilean Leòdhais airson iomadh linn. Ach thug an Crùn seilbh air fearrann Leódhais ga na Sìophartaich -Clann ‘ic Choinnich, ann an 1611. Thug Iarla Shìophairt òrdugh gu feumadh na bhuineadh ga cinn-feadha na Leòidich, an cur gu bàs. A rèir beul aithris na Sìophartaich fhein, agus na tha sgrìobhte chun an latha an diugh, chuir iad às ga cinn-fheadhna na Leòdaich agus na bhuineadh dha. Ach 's e an rud a rèir nam sgeòil seo,...
info_outlineSgeul is Seanchas
Seo dhuibh sgeulachd pearsanta air a h-innse le Ruairidh Greumach às an Eilean Sgitheanach. 's ann mu dheidhinn aon de na sinnsearan aig Ruairidh a th' ann, Aonghas MacMhaolain à Leòdhas, a bha na shaighdear anns a' Chiad Chogadh Mòr. Choisinn Aonghas tòrr chliù airson a ghaisgeachd tron a' chogadh is choisinn e an tiotal An Gaisgeach Bhuzancy bhon an t-Arm Frangach.
info_outlineSgeul is Seanchas
Tha an Gille Dubh cho dubhach is e ag ionndrainn nan craobhan is a chuideachd a chaidh am fuadachadh, gu bheil e air a dhachaigh anns a’ choille a thrèigsinn gus suidhe na aonar air barr beinne, a’ fàgail nan àilleagan aige aig Sìne, airson a sgeulachd innse.
info_outlineSgeul is Seanchas
Seo dhuibh sgeulachd eachdraidheil à Èirinn air a h-innse le Marcas Mac an Tuairneir.
info_outlineSgeul is Seanchas
Seo dhuibh dà sgeulachd èibhinn a chruthaich Tormod Mac'illeEathain, nach maireann, air an innse le Ruairidh Gray à Uibhist a Deas. 's e 'A' Bhean-Uasal NicÌomhair à Cnoc an t-Soluis air a' Bhac' tiotal a' chiad sgeulachd, sgeulachd mu dheidhinn ban-Leòdhasach a tha a' siubhal gu Tibet gus coinneachadh ri cuideigin sònraichte. Agus 's e 'Cladh Hàllain' tiotal an dàrna sgeulachd, sgeulachd gaoil eadar Dòmhnall Phàdruig a’ Chnuic agus Peigi Iain Bhig ann an Uibhist a Deas. This month we have two funny stories, created by the late Norman MacLean, told here by Ruairidh Gray from South...
info_outlineSgeul is Seanchas
Tha an sgeulachd a leanas ag innse mar a stad crodh Shrath Ghlais a bhith leigeil am bainne airson am bleoghainn. Bhathar a’ creidsinn gur e bana-bhuidsich a’ fuireach gu h-ionadail a chur stad air a’ bhleoghann. Bha diofar dhaoine ag obair gus stad a chur air na bana-bhuisich, a bha a’ nochdadh ann an riochd maighich airson trioblaid adhbharachadh. Bha am fuasgladh a’ tighinn thuca ann an dòigh nach shaoileadh duine sam bith. This month’s story, told by Ceit Langhorne, is a story belonging to Strathglass which Ceit put together from similar stories that appeared in the...
info_outlineSgeul is Seanchas
Bha fear Gille Padara Dubh a bha a’ fuireach ann an Uibhist a Deas. Bha e fìor mhath leis a’ bhogha-saighde is thug an t-uachdaran Mac ‘ic Ailein dùbhlan dha airson feuchainn dè cho math ‘s a bha e dha-rìribh leis a’ bhogha-saighde. Chuir e ubh air ceann a mhic feuch am bualadh e i bho astar 100 slat air falbh.
info_outlineSgeul is Seanchas
Fàilte do Sgeul is Seanchas, pod-craoladh ùr bho Fòram Sgeulachdan na h-Alba (TRACS) far an cluinnear measgachadh de sgeulachdan tradiseanta, eachdraidheil is èibhinn anns a' Ghàidhlig bho chuid de na sgeulaichean as fheàrr ann an Alba.
info_outlineFàilte gu am pod-craoladh speisealta seo mu dheidhinn pròiseact trì-chànanach air òrain is sgeulachdan na Fèinne. Tha TRACS air a bhith ag obair air a' phròiseact seo fad dà bhliadhna còmhla ri buidhneann de sàr luchd-ciùil is aithris à Alba is Èirinn: Mhàiri Hall, Màiri Nic ille Mhaoil, Gráinne Holland, Éamon Doorley is Màrtainn Mac an t-Saoir.
Cluinnear agallamh leis a' bhuidhneann tro mheadhan na Beurla còmhla ri Fiona NicDhùghaill bho TRACS is an uair sin, blasad de aon de na pìosan a chruthaich a' bhuidheann còmhla, dreach ùr de na sgeulachd, An t-Amadan Mòr, a tha tro mheadhan na Gàidhlig is na Gaeilge.
Chaidh An t-Amadan Mòr a chlàradh ann an Crear, Cill Bhearaidh, le Caoimhin Burley bho Gorbal Sounds
Le taic bho Sgeama Cholmcille (com-pàirteachas eadar Bòrd na Gàidhlig is Foras na Gaeilge) & TRACS (Ealain Traidiseanta is Cultar na h-Alba).
Goireasan ceangailte ris an sgeulachd:
Gheibheir dreach den eapasod seo le ro-ràdh sa Ghaeilge air pod-craoladh Scéalta Thuatha Dé Danann còmhla ri sgeulachdan Diarmaid is Gràinne air an aithris le Gráinne Holland an seo - Scéalta Thuatha Dé Danann
Laoidh an Amadain Mhòir air a sheinn le Uilleam MacMhathain - Laoidh an Amadain Mhòir
Laoi an Amadáin Mhóir á ceol ag Seán Bán Mac Grianna - Laoi an Amadáin Mhóir
Leabhar na Fèinne le Iain Òg Ìle - Leabhar na Fèinne
---------------------------------------------------------------------------------------------
Welcome to this special edition of Sgeul is Seanchas highlighting a trilingual project centred on the songs and stories of the Fianna. For the past two years, TRACS have been working on this project with a group of leading storytellers, singers and musicians from Scotland and Ireland: Mhairi Hall, Mary MacMillan, Grainne Holland, Eamon Doorley and Martin MacIntyre.
Fiona MacDougall from TRACS discusses the background of the project with the group in an English language interview, then you will hear a draft version of a story the group created together called An t-Amadan Mòr/The Great Fool, which is in Scottish Gaelic and Irish.
An t-Amadan Mòr/The Great Fool was recorded at a residential week at Crear in Kilberry by Kevin Burleigh of Gorbal Sounds.
The project is supported by Bòrd na Gàidhlig through their Colmcille scheme, which fosters cultural links between Scotland and Ireland & TRACS (Traditional Arts and Culture Scotland).
Resources related to the story:
Link to another version of the podcast episode with an Irish introduction by Grainne Holland along with stories of Diarmaid and Grainne told in Irish and English - Tales of Tuath Dé Danann
Laoidh an Amadain Mhòir sung by William Matheson - Laoidh an Amadain Mhòir
Laoi an Amadáin Mhóir sung by Seán Bán Mac Grianna - Laoi an Amadáin Mhóir
Leabhar na Fèinne by J.F. Campbell - Leabhar na Fèinne