Sgeul is Seanchas
Fàilte gu am pod-craoladh speisealta seo mu dheidhinn pròiseact trì-chànanach air òrain is sgeulachdan na Fèinne. Tha TRACS air a bhith ag obair air a' phròiseact seo fad dà bhliadhna còmhla ri buidhneann de sàr luchd-ciùil is aithris à Alba is Èirinn: Mhàiri Hall, Màiri Nic ille Mhaoil, Gráinne Holland, Éamon Doorley is Màrtainn Mac an t-Saoir. Cluinnear agallamh leis a' bhuidhneann tro mheadhan na Beurla còmhla ri Fiona NicDhùghaill bho TRACS is an uair sin, blasad de aon de na pìosan a chruthaich a' bhuidheann còmhla, dreach ùr de na sgeulachd, An t-Amadan Mòr,...
info_outlineSgeul is Seanchas
Seo agaibh sgeulachd à Eilean Leòidhais air a h-innse le Magaidh Nic a' Ghobhainn. ’S ann aig Na Leòdaich, Clann ’ic Leòid, a bha smachd air Eilean Leòdhais airson iomadh linn. Ach thug an Crùn seilbh air fearrann Leódhais ga na Sìophartaich -Clann ‘ic Choinnich, ann an 1611. Thug Iarla Shìophairt òrdugh gu feumadh na bhuineadh ga cinn-feadha na Leòidich, an cur gu bàs. A rèir beul aithris na Sìophartaich fhein, agus na tha sgrìobhte chun an latha an diugh, chuir iad às ga cinn-fheadhna na Leòdaich agus na bhuineadh dha. Ach 's e an rud a rèir nam sgeòil seo,...
info_outlineSgeul is Seanchas
Seo dhuibh sgeulachd pearsanta air a h-innse le Ruairidh Greumach às an Eilean Sgitheanach. 's ann mu dheidhinn aon de na sinnsearan aig Ruairidh a th' ann, Aonghas MacMhaolain à Leòdhas, a bha na shaighdear anns a' Chiad Chogadh Mòr. Choisinn Aonghas tòrr chliù airson a ghaisgeachd tron a' chogadh is choisinn e an tiotal An Gaisgeach Bhuzancy bhon an t-Arm Frangach.
info_outlineSgeul is Seanchas
Tha an Gille Dubh cho dubhach is e ag ionndrainn nan craobhan is a chuideachd a chaidh am fuadachadh, gu bheil e air a dhachaigh anns a’ choille a thrèigsinn gus suidhe na aonar air barr beinne, a’ fàgail nan àilleagan aige aig Sìne, airson a sgeulachd innse.
info_outlineSgeul is Seanchas
Seo dhuibh sgeulachd eachdraidheil à Èirinn air a h-innse le Marcas Mac an Tuairneir.
info_outlineSgeul is Seanchas
Seo dhuibh dà sgeulachd èibhinn a chruthaich Tormod Mac'illeEathain, nach maireann, air an innse le Ruairidh Gray à Uibhist a Deas. 's e 'A' Bhean-Uasal NicÌomhair à Cnoc an t-Soluis air a' Bhac' tiotal a' chiad sgeulachd, sgeulachd mu dheidhinn ban-Leòdhasach a tha a' siubhal gu Tibet gus coinneachadh ri cuideigin sònraichte. Agus 's e 'Cladh Hàllain' tiotal an dàrna sgeulachd, sgeulachd gaoil eadar Dòmhnall Phàdruig a’ Chnuic agus Peigi Iain Bhig ann an Uibhist a Deas. This month we have two funny stories, created by the late Norman MacLean, told here by Ruairidh Gray from South...
info_outlineSgeul is Seanchas
Tha an sgeulachd a leanas ag innse mar a stad crodh Shrath Ghlais a bhith leigeil am bainne airson am bleoghainn. Bhathar a’ creidsinn gur e bana-bhuidsich a’ fuireach gu h-ionadail a chur stad air a’ bhleoghann. Bha diofar dhaoine ag obair gus stad a chur air na bana-bhuisich, a bha a’ nochdadh ann an riochd maighich airson trioblaid adhbharachadh. Bha am fuasgladh a’ tighinn thuca ann an dòigh nach shaoileadh duine sam bith. This month’s story, told by Ceit Langhorne, is a story belonging to Strathglass which Ceit put together from similar stories that appeared in the...
info_outlineSgeul is Seanchas
Bha fear Gille Padara Dubh a bha a’ fuireach ann an Uibhist a Deas. Bha e fìor mhath leis a’ bhogha-saighde is thug an t-uachdaran Mac ‘ic Ailein dùbhlan dha airson feuchainn dè cho math ‘s a bha e dha-rìribh leis a’ bhogha-saighde. Chuir e ubh air ceann a mhic feuch am bualadh e i bho astar 100 slat air falbh.
info_outlineSgeul is Seanchas
Fàilte do Sgeul is Seanchas, pod-craoladh ùr bho Fòram Sgeulachdan na h-Alba (TRACS) far an cluinnear measgachadh de sgeulachdan tradiseanta, eachdraidheil is èibhinn anns a' Ghàidhlig bho chuid de na sgeulaichean as fheàrr ann an Alba.
info_outlineDàna-Thursan ri Aibideil nan Craobhan – Adventures with the Gaelic Tree Alphabet
Tha an Gille Dubh/Glèidheadair na Coille cho dubhach is e ag ionndrainn nan craobhan is a chuideachd a chaidh am fuadachadh, gu bheil e air a dhachaigh anns a’ choille a thrèigsinn gus suidhe na aonar air barr beinne, a’ fàgail nan àilleagan uile aige aig Sìne, airson a sgeulachd innse is eòlas air bhuannachdan ar craobhan dùthchasach a sgapadh.
An Gille Dubh / The Guardian of the Trees, saddened by the clearing of his beloved trees and people, has left his forest home to sit alone atop the highest mountains, leaving his beautiful, prized possessions to our Storyteller to tell his tale and spread knowledge of the riches of our native trees. An original Scottish forest adventure tale, including Gaelic poetry & referencing the Clearances, the decline of Gaelic and environmental issues.
‘S e sgeul ùr-sgrìobhte e seo air a chruthachadh le Ariel Killick, stèidhichte air aibidil nan craobh is beagan mun Ghille Dubh. This is a fully original story created by Ariel Killick, based on the Gaelic Tree Alphabet & an Gille Dubh/ Glèidheadair na Coille or Black-Haired Lad.
© Ariel Killick 2020 ℗ Ariel Killick 2020.
Gach còir glèidhte – All rights reserved. Chan fhaodar cuid sam bith den phìos seo a ath-nochdadh, a chraobh-sgaoileadh ann an cruth sam bith, no an dòigh sam bith, dealantach no uidheamach no eile, gun chead fhaighinn ro-làimh ann an sgrìobhadh bhon sgeulaiche – Any unauthorised broadcasting, public performance, copying or re-recording will constitute an infringement of copyright.
Barrachd Fiosrachaidh / Further Information on the Gaelic Tree Alphabet: https://forestryandland.gov.scot/learn/trees/tree-resources